Cammarata agus Tedick 2012. “Balancing content and language in instruction: The experience of immersion teachers.”
Tha e aithnichte a-nis nach e ‘spongan’ a th’ ann an cloinn, nach tog iad dàrna cànan tro bhogadh anns an t-seòmar-chlas a-mhàin, agus gum feumar barrachd cuideim a chur air a’ chànan fhèin an cois foghlaim bhogaidh, ach ciamar a tha sin ag obair ann an gnìomh? Anns a’ phàipear seo, tha Cammarata agus Tedick a’ toirt seachad cunntas air na h-agallamhan a rinn iad le tidsearan bogaidh agus iad a’ bruidhinn riutha mu bhith a’ feuchainn ri cothrom a lorg eadar teagasg chuspairean agus teagasg cànain anns an obair aca latha gu latha.
Негізгі бет Club Irise - Sreath 2, Seisean 4: An Dr Tim Armstrong | Sabhal Mòr Ostaig
Пікірлер